1
0
mirror of https://github.com/mastodon/mastodon-android.git synced 2024-12-25 16:24:06 +01:00
mastodon-app-ufficiale-android/fastlane/metadata/android/gd-GB/full_description.txt

17 lines
2.2 KiB
Plaintext
Raw Blame History

This file contains ambiguous Unicode characters

This file contains Unicode characters that might be confused with other characters. If you think that this is intentional, you can safely ignore this warning. Use the Escape button to reveal them.

S e an lìonra sòisealta sgaoilte as motha air an eadar-lìon a th ann am Mastodon. Seach aon làrach-lìn a-mhàin, s e lìonra de mhilleanan de dhaoine ann an coimhearsnachdan neo-eisimeileach a th ann agus s urrainn dhan a h-uile duine bruidhinn ri chèile fhathast gun duilgheadas. Ge b e dè na rudan a tha ùidh agad annta, coinnichidh tu ri daoine a sgrìobhas mun dèidhinn air Mastodon!
Faigh ballrachd ann an coimhearsnachd s cruthaich pròifil dhut. Find and follow fascinating folks and read their posts in an ad-free, chronological timeline. Cuir thu fhèin an cèill le Emojis gnàthaichte, dealbhan, GIFs, videothan is fuaimean ann am postaichean le 500 caractar. Freagair ri snàithleanan is brosnaich postaichean le neach sam bith airson deagh rudan a cho-roinneadh. Lorg cunntasan ùra ri leantainn is tagaichean hais a treandadh airson an lìonra agad a leudachadh.
Chaidh Mastodon a thogail leis an aire air prìobhaideachd is sàbhailteachd. Tha e an urra riut fhèin an co-roinn thu post leis an luchd-leantainn agad, leis na daoine air an doir thu iomradh a-mhàin no leis an t-saoghal mhòr. Leigidh rabhaidhean susbainte leat postaichean sa bheil susbaint fhrionasach fhalach is cha leig daoine leas coimhead air ach nuair a bhios iad deònach. Tha riaghailtean is maoir fa leth aig gach coimhearsnachd airson a buill a chumail sàbhailte agus cuidichidh innealan bacaidh is gearain le dìon o dhroch-dhìol.
Gleusan eile:
• Modh dorcha: Leugh postaichean le modh soilleir, dorcha no dubh dorcha
• Cunntasan-bheachd: Faighnich dhen luchd-leantainn dè am beachd is faigh cunntas nam bhòt
• Rùraich: Ruig tagaichean hais is cunntasan a treandadh le aon ghnogag
• Brathan: Faigh brathan mu luchd-leantainn, freagairtean is brosnachaidhean ùra
• Co-roinn: Postaich gu Mastodon gu dìreach o shiota co-roinnidh ann an aplacaid sam bith
• Stampachd: S e ailbhean ealanta a tha san t-suaichnean againn is nochdaidh e o àm gu àm
S e bhuidheann neo-phrothaideach clàraichte a th ann am Mastodon a gheibh taic dhìreach o na tabhartasan agad. Chan eil sanasachd, airgeadachadh no calpa iomairte sam bith ann agus tha fainear dhuinn ga chumail mar sin.